leasanan

Leasan 7: Ghabh mi cuair (Chuaigh mé ag siúl)

   

Ro-ràdh

San leasan seo, bidh oileanaich a' faighneachd is ag innse dè na rinn iad aig an deireadh-sheachdain.

Bidh thu a' sealltainn air gnìomhairean riaghailteach a tha a' tòiseachadh le connrag anns an tràth chathte agus air gnìomhairean neo-riaghailteach anns an aon tràth agus mar a bhios níor is nár (cha do is nach do) ag obair.

Bidh thu 'g ionnsachadh beagan a bharrachd mu fhuaimean a' chànan agus a' daingneachadh nam fuaimean is nam facal a chuala tu mar-thà.

Caraidean Breugach

Bidh cuid de dh'fhaclan a' nochdadh ann an car an aon riochd san dà chànan ach seach gun deach brìgh eadar-dhealaichte a thoirt dhaibh tro thìde, bithear a' gabhail 'caraidean breugach' no 'caraidean coimheach' orra.

Eisimpleirean san leasan seo

'S e a' Ghaeilge air tachairt air no coinneachadh ri cuideigin buail le ach chan eil iomradh air bualadh no fòirneart ann. Bhuail mé le Jack sa phub aréir Thachair mi ri Iagan sa Phràban a-raoir

Seach a bhith ga dhèanamh, mar a dhèanadh tu ann an Gàidhlig, nuair a nì thu dàn ann an Gaeilge, 's e an gnìomhar a thathar a' cleachdadh cum. Cùm ort! Bíonn sí ag cumadh filíochta den scoth Bidh i a' dèanamh brod na bàrdachd

Tha glan dìreach a' ciallachadh sgiobalta ann an Gaeilge agus chan e sgoinneil cuideachd mar a tha sa Ghàidhlig. Glan amach as mo radharc! A-mach às mo shealladh!

Is e bealach am facal cumanta sa Ghaeilge an seo air rathad no slighe ach cha leig e leas a bhith a' dol tro na beanntan ann mar a tha bealach anns a' Ghàidhlig. Rinne sé é ar a bhealach féin Rinn e na dhòigh fhèin e

'S e farraige am facal as cumanta air muir an seo ach faodaidh i a bhith ciùin a bharrachd air a bhith garbh mar a tha fairge na Gàidhlig. Aire! Fear i bhfarraige! 'N aire! Duine thar bòrd!

Tha luath a' ciallachadh tràth an seo ach cha leig thu leas a bhith luath mar a tha sa Ghàidhlig air a shon ach mall fhèin ma thogras tu. Beidh mé ann chomh luath agus is féidir liom Bidh mi ann cho luath 's a th' agam

Faclair

Cad é a rinne tú ag an deireadh seachtaine? Dè rinn thu aig an deireadh-sheachdain? Rinn mé Rinn mi Ní dhearna mé Cha d'rinn mi An ndearna tú An d'rinn thu Nár dhearna tú? Nach d'rinn thu? Bhuail mé le... Thachair mi ri... Níor bhuail mé Cha do thachair mi Ar bhuail tú? An do thachair thu? Nár bhuail tú? Nach do thachair thu? Chuaigh mé Chaidh mi An ndeachaigh tú An deach thu Ní dheachaigh mé Cha deach mi An ndeachaigh tú? An deach thu? Chonaic mé Chunnaic mi An bhfaca tú? Am faca tu? Ní fhaca mé Chan fhaca mi Nach bhfaca tú? Nach fhaca thu? Fuair mé Fhuair mi An bhfuair tú An d'fhuair thu Ní bhfuair mé Cha d'fhuair mi nach bhfuair tú? nach d'fhuair thu? Cheannaigh mé... Cheannaich mi... Chum mé dán Rinn mi bàrdachd Ghlan mé an teach Ghlan mi an taigh Shnámh mé Shnàmh mi Léigh mé leabhar Leugh mi leabhar Scríobh mé litir Sgrìobh mi litir