leasanan

Leasan 3: 'S e bàrd a th' annam (Is file atá ionam)

   

Ro-ràdh

San leasan seo, bidh thu 'g ionnsachadh mun dòigh sam faighnich is san innis thu mun obair a th' aig daoine. Bidh thu faighneachd is ag innse càite bheil daoine ag obair agus na tha iad a' dèanamh gu tric, gu cunbhalach agus an-dràsta 's a-rithist.

Chì thu na bhios a' tachairt leis an roimhear ag aig; mar a chuireas tu cuideam air nithean le is; mar a bhios a' tachairt le le agus mar a dh'obraicheas an gnìomhair bi san tràth làthaireil (agus an uair sin gnìomhairean eile).

Bidh thu 'g ionnsachadh beagan a bharrachd mu fhuaimean a' chànan agus a' daingneachadh nam fuaimean is nam facal a chuala tu mar-thà.

Caraidean Breugach

Bidh cuid de dh'fhaclan a' nochdadh ann an car an aon riochd san dà chànan ach seach gun deach brìgh eadar-dhealaichte a thoirt dhaibh tro thìde, bithear a' gabhail 'caraidean breugach' no 'caraidean coimheach' orra.

Eisimpleirean san leasan seo

'S e gairm a' Ghaeilge air dreuchd. Cén ghairm atá agat féin faoi láthair? Dè 'n dreuchd a th' agad an-dràsta?

Chan eil an bhfuil an ceart agam? a' ciallachadh buileach a bheil de chòir agam?, dìreach a bheil mi ceart?. An bhfuil an ceart agam go bhfuil cónaí ort i nGaillimh? A bheil mi ceart gu bheil sibh a' fuireach ann an Gallaibh?

Chan eilear a' cleachdadh an fhacail obair ann an Gaeilge airson na dreuchd fhèin, dìreach airson na gnìomhachd.

Tha canadh a' ciallachadh a' seinn seach ag ràdh (ag rá). Bíonn an cailín sin ag canadh de shíor Bidh an tè ud a' seinn gun sgur

Seach a bhith a' bruidhinn ann an Gaeilge bidh thu ag caint. Tha bruíon na Gaeilge a' ciallachadh trod. Bím ag bruíon le Siobhán go mion minic Bidh mi a' trod ri Seònaid uair is uair

Tha siúl a' ciallachadh coiseachd air a' chuid as motha seach bhith a' falbh ann an seadh nas fharsainge (ag taistealag imeacht sa Ghaeilge) mar a tha siubhal na Gàidhlig. Tháinig mé anseo de shiúl na gcos 'S e coiseachd a thug mi an seo

Tha bogadh a' ciallachadh gluasad no carachadh. 'S e tumadh an cleachdadh as fhaisge sa Ghaeilge air bogadh na Gàidhlig. Tá sé in am a bheith ag bogadh linn Tha thìd' againn a bhith a' gluasad

Faclair

Cad é an obair atá agat? Dè an obair a th' agad? Is ... atá ionam 'S e ... a th' annam Cá bhfuil tú ag obair? Càite bheil thu ag obair? Tá mise ag obair san ... Tha mise ag obair san ... Tá mise ag obair i ... Tha mise ag obair ann an/ann am ... Cad é atá tú a dhéanamh? Dè tha thu a' dèanamh? An bhfuil tú? A bheil thu? Tha Níl Chan eil Ag éisteacht Ag èisteachd Ag labhairt A' bruidhinn Ag scríobh A' sgrìobhadh Ag léamh A' leughadh Ag smaoineamh A' smaoineachadh Ag éirí Ag èirigh Ag múscailt A' dùsgadh Ag ól Ag òl Ag ithe Ag ithe Ag canadh A' seinn Ag léim A' leum Téim Bidh mi dol Tigim Bidh mi tighinn Cluinim Tha mi a' cluinntinn Déanaim Tha mi a' dèanamh An dtéann tú? An tèid thu? An dtigeann tú? A bheil thu a' tuigsinn? An ndéanann tú? An dèan thu?