leasanan

Leasan 2: Dè 'n t-ainm a th' ort? (Cad é an t-ainm atá ort?)

   

Ro-ràdh

San leasan seo, bidh oileanaich a' faighneachd agus ag innse a n-ainmean ann an Gàidhlig na h-Èireann do chàch-a-chèile agus cò às a tha iad. Bidh thu a' faighneachd agus ag innse càite bheil thu a' fuireach, ag ionnsachadh beagan a bharrachd mu fhuaimean a' chànan agus a' daingneachadh nam fuaimean a chuala tu mar-thà.

Chì thu mar a tha an t-alt an agus roimhearan pearsanta – , etc - ag obrachadh, mar a chuirear cuideam air eileamaidean le is agus coimeas eadar caol is leathann.

Thèid ainmean-àite a chleachdadh a-rithist gus puingean a thaobh cànain a chur an cèill.

Caraidean Breugach

Bidh cuid de dh'fhaclan a' nochdadh ann an car an aon riochd san dà chànan ach seach gun deach brìgh eadar-dhealaichte a thoirt dhaibh tro thìde, bithear a' gabhail 'caraidean breugach' no 'caraidean coimheach' orra.

Eisimpleirean san leasan seo

Tha aonach a' ciallachadh fèill no tional seach beinn aonaranach no mòinteach mar a tha aonach na Gàidhlig a' ciallachadh. Rachaidh mé ar an aonach is díolfaidh mé mo bhó Thèid mi dhan fhèill is reicidh mo mo mhart

Chan eil uisce a' ciallachadh ach uisge ùr a dh'òladh tu ann an Gaeilge an latha an-diugh. Fearthainn no báisteacha th' aig muinntir na Gaeilge air na bhios a' tuiteam a-nuas bho na speuran. An bheil braoinín uisce uait? A bheil drùdhag a dhìth ort? Tá sé ag cur fearthainne go trom anois Tha i a' tarraing aista an-dràsta

Chan eil fear ga chleachdadh ann an Gàidhlig na h-Èireann airson aonan fireann ach ceann. Sin an ceann atá uaim Shin agad am fear/an tè a tha gam dhìth Is fear láidir é Seán 'S e duine làidir a th' ann an Iain

Ged as e an aon bhiadh a th' ann, tha riochd na Gaeilge air an fhacal ugh ubh, fireann ann an gnè seach tè na Gàidhlig. Thoir fa-near san t-suidheachadh seo cuideachd nach eil guth air an tàthan - ann an Gaeilge. Ubh mór as tóin bheag Ugh mhòr à tòin bheag

Faclair

Cad é an t-ainm atá ort? Dè an t-ainm a th' ort? Is mise... Is mise... ... an t-ainm atá orm 'S e ... an t-ainm a th' orm Cá has tú? Cò às a tha thu? Is as ... mise Tha mi à... Is as an ... mise... 'S ann às an ... a tha mise Is as ... mise... 'S ann à ... a tha mise Cá bhfuil tú i do chónaí? Càite bheil thu a' fuireach? Tá mé i mo chónaí san... Tha mi a' fuireach sa/san Tá mé i mo chónaí i... Tha mi a' fuireach ann an/ann am An An/am Nach Nach Sea Seadh Ní hea Chan eadh