leasanan

Leasan 18: Mealaibh ur naidheachd (Go maire sibh!)

 

Ro-ràdh

San leasan seo, thèid sùil a thoirt air prìomh-phuingean nan leasanan.

Bhiodh dùil gum biodh na fuaimean cho math 's a ghabhas agad aig an ìre seo.

Thèid sùil a thoirt cuideachd air stuth ann an Gàidhlig na h-Èireann: bàrdachd, nobhailean, sgeulachdan goirid, beul-aithris, clàran, prògraman telebhisein is radio, soidhnichean Gaeilge, cor a' chànain ann an Èirinn a Tuath, foghlam agus mar sin air adhart.

Caraidean Breugach

Bidh cuid de dh'fhaclan a' nochdadh ann an car an aon riochd san dà chànan ach seach gun deach brìgh eadar-dhealaichte a thoirt dhaibh tro thìde, bithear a' gabhail 'caraidean breugach' no 'caraidean coimheach' orra.

Eisimpleirean san leasan seo

Tha iomadh ciall aig an fhacal clár (mar a tha 's aig clàr na Gàidhlig). Chan eil diosg nam measg, ge-tà – 's e a' Ghaeilge air sin ceirnín. Tá an fharraige chomh ciúin le clár Tha am muir buileach ciùin

Faclair

Slán leat agus go n-éirí go geal leat! Mar sin leat agus gur e math a thèid dhut!