leasanan

Leasan 15: Bho mhoch gu dubh (Ó mhaidin go faoithin)

   

Ro-ràdh

San leasan seo, bidh thu ag ionnsachadh mar a dh'obraicheas co-ghnìomhairean a' bualadh air an tìde – anois a-nis, i láthair na huaire an-dràsta, ansin an uair sin, gan mhoill gun dàil, ar ball a dh'aithghearr, inné an-dè, inniu an-diugh, amárach a-màireach, go luath anceartuair, mall anmoch, arís a-rithist, ar maidin sa mhadainn, san oíche san oidhche, tráthnóna feasgar agus an leithid - gus am bi e comasach dhut a bhith a' bruidhinn san fharsaingeachd air a bhith a' dèanamh caochladh rudan agus mun àm a bhios tu gan dèanamh.

Gheibh thu a-mach cuideachd mun dòigh sa bheil co-ghnìomhairean a' bualadh air àite – anseo an seo, ansin an sin, anonn a-null, anall a-nall, thall thall, abhus a-bhos, ar bharr air bàrr, in airde an-aird(e), amuigh a-muigh, istigh a-staigh, thuas shuas, thíos shìos, cóngarach do faisg air agus mar sin air adhart - gus am faod thu bruidhinn air an àite sam bi daoine mar as trice nuair a bhios iad a' dèanamh diofar rudan.

Caraidean Breugach

Bidh cuid de dh'fhaclan a' nochdadh ann an car an aon riochd san dà chànan ach seach gun deach brìgh eadar-dhealaichte a thoirt dhaibh tro thìde, bithear a' gabhail 'caraidean breugach' no 'caraidean coimheach' orra

Eisimpleirean san leasan seo

San dual-chainnt seo, tha am facal iontach (a' ciallachadh iongantach mar as trice) ga chleachdadh car a mar a bhios leithid cianail, garbh, uabhasach etc sa Ghàidhlig, 's e sin mar glè. Tha glé a' ciallachadh soilleir ann an Gaeilge an latha an-diugh. Tá an aimsir iontach fuar inniu Nach i tha garbh fuar an-diugh

Faclair

Cá huair a bhíos tú ag éirí ar maidin? Dè 'n uair a bhios tu ag èirigh sa mhadainn? Bím ag éirí... Bidh mi ag èirigh ... Nuair a bhíonn tú ag obair ag baile, cá háit a mbíonn tú ag obair? Nuair a bhios tu ag obair aig an taigh, càit am bi thu ag obair? Bím ag obair ... Bidh mi ag obair ...