leasanan

Leasan 12: A' peantadh an taighe (Ag péinteáil an tí)

   

Ro-ràdh

San leasan seo, bidh thu 'g ionnsachadh a thaobh mar a chuireas tu na dathan an cèill ann an Gaeilge le faclan amannan air a bheil car an aol choltas ach aig nach eil buileach an aon bhrìgh.

Ionnsaichidh tu mar a chleachdas tu ba mhaith liom (bu mhath leam) agus ba mhian liom (bu mhiann leam) le bhith a' bruidhinn air dathan a bhiodh a dhìth ort nan robh thu a' peantadh an taighe agad.

Thèid agad air faclan ùra an lùib àirneis a chleachdadh.

Caraidean Breugach

Bidh cuid de dh'fhaclan a' nochdadh ann an car an aon riochd san dà chànan ach seach gun deach brìgh eadar-dhealaichte a thoirt dhaibh tro thìde, bithear a' gabhail 'caraidean breugach' no 'caraidean coimheach' orra.

Eisimpleirean san leasan seo

Chan eil a' bhrìgh liath aig glas na Gaeilge ach seòrsa de dh'uaine. Is glas iad na cnoic i bhfad uainn Tha adharcan fada air a' chrodh ann am Barraigh

Chan eil seagh gorm na Gaeilge cho farsaing ri tè na Gàidhlige – a dh'fhaodadh a bhith gorm, uaine no liath a rèir an t-suidheachaidh - ach tha de bhrìgh aige dubh cuideachd anns a' chleachdadh-chainnte duine gorm duine dubh. Bé Ferdinand an chéad duine gorm a tháinig go dtí an áit seo B' e Ferdinand a' chiad duine dubh a thàinig dhan àite seo.

Thug sinn iomradh air bán bàn a-cheana mar a bhios cuimhne agad.

'S ionann troscán agus àirneis ann an cainnt an latha an-diugh. Chan eil troscán a' ciallachadh deise (air a bheil culaith sa Ghaeilge agus sin fhèin rud beag diofraichte bho culaidh na Gàidhlig) a thuilleadh. Nach iontach an troscán sa teach seo Tha brod a dh'àirneis san taigh seo

Tha an dà riochd cathair is cathaoir air a dhol an lùib a chèile gu ìre sa Ghaeilge san t-seagh gu bheil cathair a' ciallachadh baile-mòr ann an cainnt an latha an-diugh. Cheannaigh mé cathaoir úr sa chathair inné Cheannaich mi cathair sa bhaile-mhòr an-dè

Faclair

Dá mbeifeá ag péinteáil do thí, cad é an dath a bheifeá á phéinteáil? Nan robh thu a' peantadh an taighe, dè an dath a bhiodh tu ga pheantadh? Dá mbeinn ag péinteáil mo thí, bheinn á iarraidh... Nan robh mi a' peantadh an taighe, bhithinn ag iarraidh... Cad é an dath a ba mhaith leat a chur ar...? Dè an dath a bu mhath leat cur air? Ba mhaith/mhian liom...a chur air Bu mhath leam...a chur air Ar mhaith leat? Am bu mhath leat? Ba mhaith Bu mhath Níor mhaith Cha bu mhath Nár mhaith? Nach bu mhath