leasanan

Leasan 11: Làithean na sgoile (Laetha na scoile)

   

Ro-ràdh

San leasan seo, bidh thu 'g ionnsachadh mar a tha an gnìomhair bi ag obair san tràth neo-fhoirfe a tha a' freagairt air tràth cumhach na Gàidhlig. Ann an Gàidhlig na h-Èireann tha sgaradh ann fhathast eadar an dà thràth.

Thèid agad air na cruthan iomchaidh a chleachdadh nuair a tha thu a' bruidhinn air na rudan a bhiodh tu a' dèanamh nan robh an ùine agus an cothrom agad. 'S ionann dá mbeadh sa Ghaeilge agus nam biodh sa Ghàidhlig.

Caraidean Breugach

Bidh cuid de dh'fhaclan a' nochdadh ann an car an aon riochd san dà chànan ach seach gun deach brìgh eadar-dhealaichte a thoirt dhaibh tro thìde, bithear a' gabhail 'caraidean breugach' no 'caraidean coimheach' orra.

Eisimpleirean san leasan seo

Chan eil a' chiall meantraig airson iomairt air èaladh a-steach don Ghaeilge leis an fhacal imirt a tha fhathast a' ciallachadh cluich. Bíonn siad ag imirt is ag ól Dé hAoine Bidh iad a' cluich is ag òl Didòmhnaich

Faclair

Nuair a bhí tú ar scoil cad é a bhíteá a dhéanamh gach lá? Nuair a bha thu san sgoil dè bhiodh tu a' dèanamh gach latha? Nuair a bhí mé ar scoil bhínn ag... Nuair a bha mi san sgoil bhithinn ag... Dá mbeadh am saor agat cad é a bheifeá a dhéanamh? Nan robh ùine shaor agad, dè bhiodh tu a' dèanamh? Dá mbeadh am saor agam, bheinn ag... Nan robh ùine shaor agam, bhithinn ag...