leasanan

Leasan 10: Càite an tèid sinn? (Cá rachaidh muid)

   

Ro-ràdh

San leasan seo, bidh na h-oileanaich a' faighneachd is ag innse càite an tèid iad as t-samhradh.

Bidh sinn a' sealltainn air gnìomhairean riaghailteach a tha a' tòiseachadh le f agus mar a tha iad ag obair anns an tràth theachdail agus cuideachd air cuid de ghnìomhairean neo-riaghailteach anns an aon tràth.

Chì thu mapa den t-saoghal le ainmean nan dùthchannan ann an Gaeilge.

Bidh thu 'g ionnsachadh beagan a bharrachd mu fhuaimean a' chànan agus a' daingneachadh nam fuaimean is nam facal a chuala tu mar-thà.

Caraidean Breugach

Bidh cuid de dh'fhaclan a' nochdadh ann an car an aon riochd san dà chànan ach seach gun deach brìgh eadar-dhealaichte a thoirt dhaibh tro thìde, bithear a' gabhail 'caraidean breugach' no 'caraidean coimheach' orra

Eisimpleirean san leasan seo

Tha fadálach a' ciallachadh gu slaodach seach gun a bhith ann an àm airson rudeigin mar a gheibhear le fadalach na Gàidhlig. Is scéal fadálach é seo! Abair sgeul fada!

Ann an Gaeilge an latha an-diugh chan fhaigh thu anriochd rach- ach san tràth theachdail a-mhàin, 's e sin, 's ionann rachaidh mé is thèid mi agus mar sin air adhart. Seach rachainn chanadh tu théinn. Rachaidh mé siar go Gaillimh amárach Thèid mi air ais gu Gallaibh a-màireach

'S ionann nuacht sa Ghaeilge agus na naidheachdan, mar a th' orra, sa Ghàidhlig. Scéal no scéilín fhèin a bheireadh tu air naidheachd. Tha an cleachdadh go maire tú do nuacht car an aon rud ri meal do naidheachd, ge-tà. Is maith an nuacht a bheith gan nuacht S deagh naidheachd a th' ann a bhith gun naidheachd

Faclair

Cá háit a rachaidh tú sa tsamhradh? Càit an tèid thu as t-samhradh? Rachaidh mé go dtí an Eilvéis sa tsamhradh Thèid mi dhan Eilbheis as t-samhradh An rachaidh? An tèid? Ní rachaidh Cha tèid Nach rachaidh? Nach tèid? An bhfanfaidh tú sa bhaile sa tsamhradh? Am fuirich thu aig an taigh as t-samhradh? Fanfaidh Fuirichidh Ní fhanfaidh Chan fhuirich Nach bhfanfaidh? Nach fhuirich? An inseoidh tú scéal dom? An innis thu naidheachd dhomh? Inseoidh Innsidh Ní inseoidh Chan innis Nach n-inseoidh? Nach innis? An ólfaidh tú deoch? An òl thu deoch? Ólfaidh Òlaidh Ní ólfaidh Chan òl Nach n-ólfaidh? Nach òl? I mbliana Am-bliadhna An bhliain seo chugainn An ath bhliadhna