leasanan

Leasan 1: Ciamar a tha sibh? (Cad é mar atá tú)

 

Ro-ràdh

San leasan seo, bidh thu ag ionnsachadh mu fhuaimneachadh Gàidhlig na h-Èireann (cànan a' chinn a tuath air a' chuid as motha) agus mu na eadar-dhealachaidhean a thaobh fuaim eadar an dà chànan.

Ionnsaichidh tu mar a chuireas tu fàilte air cuideigin, mar a bhios tu a' faighneachd ciamar a tha iad, mar a dh'fhaighnicheas tu dè 'n t-ainm a th' orra agus cò às a tha iad agus mar a dh'innseas tu dè 'n t-ainm a th' ort fhèin.

Thèid ainmean dhaoine agus ainmean-àite a chleachdadh gus puingean a thaobh cànain a chur an cèill

Caraidean Breugach

Bidh cuid de dh'fhaclan a' nochdadh ann an car an aon riochd san dà chànan ach seach gun deach brìgh eadar-dhealaichte a thoirt dhaibh tro thìde, bithear a' gabhail 'caraidean breugach' no 'caraidean coimheach' orra

Eisimpleirean san leasan seo

Tha Dia duit na bheannachd chumanta sa Ghaeilge ach chan eilear ga chleachdadh ann an Gàidhlig an latha an-diugh. Dia duit Shin sibh

'S e capall am facal Gaeilge as cumanta air each. 'S e làir am facal Gàidhlig a tha a' freagairt air. Ní dhéanfaidh an saol capall ráis d'asal Cha ghabh sporan òir dèanamh à cluas muice

Tha bán a' ciallachadh geal seach bàn air a bheil na faclan Gàidhlige fionn agus folamh a' freagairt. Is dóigh liom gur buachaill bán é Saoilidh mi gur h-e gille-tòine th' ann dheth

Tha ceap na Gaeilge a' ciallachadh smaoinich am measg rudan eile. Ceapaim go rachaidh mé abhaile amárach Saoileam gun tèid mi dhachaigh a-màireach

Tha bogadh a' ciallachadh gluasad no carachadh. Is mithid dom a bheith ag bogadh Tha thìd' agam bhith ga shlaodadh

Tha bean na Gaeilge a' ciallachadh gu bunasach boireannach seach cèile bhaineann. Is iontach an bhean í Máire 'S e tè ghasta th' ann am Màiri

Tha dealbh na Gaeilge a' ciallachadh ìomhaigh. 'S e pictiúr am facal Gaeilge air dealbh/pioctar na Gàidhlig. Sin dealbh Uí Chonaire thall san Fhaiche Mhór Sin agad ìomhaigh Dhonnchaidh Bhàin thall air a' bheinn ud

Faclair

Dia duit Madainn mhath/Feasgar math Cad é mar atá tú? Ciamar a tha thu? Go maith Gu math Cad é an t-ainm atá ort? Dè an t-ainm a th' ort? Is mise... Is mise... Cá has tú? Cò às a tha thu? Is as...mise Tha mi à... Tar isteach Thig a-steach Tá fáilte romhaibh Tha fàilte oirbh Anois A-nis