fios

'S e amas a' mhìr seo clàr-oideachaidh cùrsa a leasachadh airson cùrsa Gaeilge gu Gàidhlig. 'S e Oideas Gael, an t-ionad-cànain ann an Èirinn, a chuir Cúrsa Gaeilge do Lucht na Gàidhlige an altaibh a chèile.

Chaidh frèam agus plana leasanan a chur ri chèile don chànan agus na prìomh-phuingean teagaisg a shònrachadh. Chaidh 18 leasanan uile-gu-lèir a chruthachadh leis na prìomh-phuingean teagaisg air an riarachadh do leasanan fa leth. Chaidh na leabhraichean-làimhe seo a chruthachadh le Cànan, companaidh dhidseatach agus dealbhadh grafaigeach, anns an robh na frèaman, planaichean nan leasanan agus goireasan-teagaisg.

Bha an neach a chruthaich cùrsa Oideas Gael fileanta ann an Gàidhlig agus bha e comasach dha dreach Gàidhlig a' chùrsa a chur gu Gaeilge gun fheum air tionndadh Beurla.

Bhathar air cùrsaichean fad seachdain, le taic bho Cholmcille, a lìbhrigeadh ann an caochladh ionadan roimhe seo, SMO nam measg. Cha robhar air clàr-oideachaidh làn agus leabhar-obrach cùrsa a chruthachadh airson cùrsa Gàidhlig no Gaeilge roimhe, ge-tà. Tha Leabhraichean-làimhe nan Cùrsaichean a' dèanamh cinnteach a-nis gum bi barrachd slat-tomhais ann a-nis a thaobh ìre, toraidhean agus susbaint nan cùrsaichean. Faodaidh oileanaich buannachd a thoirt a-nis à seasmhachd dòigh-dèiligidh a thaobh ionnsachaidh is teagaisg agus faodaidh oileanaich ullachadh ro làimh airson chlasaichean agus cur ris na dh'ionnsaicheas le bhith a' sgrùdadh air an ceann fhèin agus iad eòlach air na h-ìrean is na leasanan sna cùrsaichean. Bheir oidean, gu sònraichte, buannachd mhòr às na leasanan air an dealbhadh, na prìomh-phuingean teagaisg agus na goireasan-teagaisg a bharrachd air an leasachadh. Feart de na cùrsaichean 's e an cuideam a thathar a' cur air leasachadh sgilean-labhairt agus fuaimneachadh. Ged a tha an dà chànan coltach ri chèile, tha na h-eadar-dhealachaidhean ann am fuaimneachadh, ann an litreachadh agus crutha' chànain gam mìneachadh gu soilleir sna faclan-tòiseachaidh sna leabhraichean-làimhe, rud a bheir air na h-oidean na nithean seo a dhaingneachadh uair is uair.