fàilte

gu Blasad Gaeilge

Goireasan do luchd-labhairt na Gàidhlig aig a bheil uidh ann an Gàidhlig na h-Èireann

Prìomh-phuingean ionnsachaidh

Tha ochd leasanan deug air an làraich seo a tha cudromach gus tòiseachadh leis a' chànan. Anns a h-uile puing-ionnsachaidh tha ro-ràdh goirid, eisimpleirean de charaidean coimheach (faclan air a bheil car an aon fhuaim is an aon choltas ach a tha gu math diofraichte ann am brìgh) agus briathrachas nan lùib.

Taic ri cùrsa san t-seòmar-theagaisg

Tha na puingean-ionnsachaidh san làrach-lìn seo a rèir an stuth ann an Cùrsa Gaeilge do Luchd na Gàidhlig a chruthaich Sabhal Mòr Ostaig, agus faodar a chleachdadh gus cur ri ionnsachadh ri linn a' chùrsa.

Faidhlichean-fuaime le luchd-labhairt dùthchasach

Tha an làrach làn comhairle agus faidhlichean-fuaime, air an clàradh le luchd-labhairt dùthchasach, a chuidicheas ribh le fuaimneachadh na Gaeilge.